The Scottish Gaelic Column

Tha an colbh Gàidhlig seo air a tharraing à "Cothrom", an ràitheachan dà-chànanach aig CLI. Thèid "Cothrom" fhaighinn an asgaidh le buill ChLI, an carthannas airson luchd-ionnsachaidh is luchd-taic na Gàidhlig.

This Gaelic column is drawn from "Cothrom", the bilingual quarterly magazine from CLI. "Cothrom" is distributed free to members of CLI, the charity for learners and supporters of Scots Gaelic

Sàbhaladh is Smuairean Delivery and Dejection
Sa gheamhradh 1936-37, chaidh sreath rèidio air an robh "Am Measg nam Bodach" a chraoladh, anns an robh daoine pongail as na h?eileanan Gaidhealach a' cuimhneachadh seann daoine an òige. A' leantainn air an iris mu dheireadh, seo an dara leth dhen aithris aig Niall Mac'illeSheathanaich air Diùra. (teacs tùsail) In the winter of 1936-37 was broadcast a radio series called "Am Measg nam Bodach", in which eloquent speakers from the Hebrides remembered the old folk of their youth. Following from the last issue, here is the concluding half of the programme by Niall Mac-'illeSheathanaich on Jura. (translation)
Bhiodh seanchas aig na bodaich mu bhrìgh ainm an eilein, agus mar a thugadh an t?ainm air. Chuala mi feadhainn ag ràdh gun robh dà bhràthair ann air an robh Diù agus Rath, agus tha an seanfhacal againn, "diù rath an domhain is diù dath an domhain ann, buidhe, dubh is riabhach." Tha sin san eilean fhathast, Cloinn 'illeBhuidhe, Cloinn 'illeDhuibh, is Cloinn 'illeRiabhaich. 'Se na Daraich a their sinn ri Cloinn Mhic'illeRiabhaich an-diugh. Fhuair iad an t?ainm seo bho na Dòmhnallaich air an do rinn iad furtachd le sùistean daraich an àm na h?èiginn. The old men would talk about the meaning of the island's name, and about how it got it. I heard some say that there were two brothers called Diù and Rath, and we have the saying, "it has the diù [the worst] of the rath [luck] of the world and the diù of the colour of the world, yellow, black and brindled." They're still on the island, the Bowies ("children of [the] yellow lad"), the Blacks (black lad) and the Reochs (brindled lad). Today we call the Reochs the Darachs. They got this name from the MacDonalds to whose assistance they came in some crisis with oaken flails.
A' leigeil ris gun robh an t?ainm iomraiteach an Diùra, bheir mi dhuibh sgeul a fhuair mi bho Dhonnchadh a' Gheata còrr is deich bliadhna fichead air ais. Bha meomhair mhath aig Donnchadh, ach cha bu chuimhne leis cò thug dha an sgeul - bha i aig mòran, is cinnteach leam. 'Se brìgh na sgeòil mar a thàinig Cloinn a?Phì do Dhiùra. To show that the name was famed in Jura, I'll tell you a tale I got from Donnchadh of the Gate over thirty years back. Donnchadh had a good memory, but he couldn't recall who gave him the story - many knew it, I'm sure. The point of the tale is to tell how the Macfees came to Jura.
Uair a bha siud chaidh Mac'illeRiabhaich a bha an Sannaig do Cholbhasa a mharbhadh gu buileach na h?uile neach dom b'ainm Mac a?Phì. Fhuair Mac'illeBhuidhe na Learga Brice fàth air a thuras, agus dh'iarr e air am biodh e cho math agus an t?aiseag a thoirt dha 'na bhirlinn do Cholbhasa. Dh'aontaich am fear eile gu togarrach, oir bu bheag fhios a bha aige ciod an turas air an robh Mac'illeBhuidhe a' dol. Nuair a ràinig iad Colbhasa thòisich Mac'illeRiabhaich air mort is marbhadh gach leanabh mic, ceart mar a rinn rìgh ainmeil roimhe. Long ago, Reoch, who lived in Sannaig, went to Colonsay to kill each and every person who carried the name of Macfee. Bowie of Leargybreck got wind of his trip, and asked whether he'd be so good as to ferry him over to Colonsay in his galley. The other fellow happily agreed, for he had little idea of what was taking Bowie there. When they arrived in Colonsay, Reoch set about murdering and killing every male son, just as had a famous king before him.
Chunnaic Mac'illeBhuidhe bean a' teicheadh agus naoidhean aice 'na h?achlais, is i ri gul is bròn. Thuirt e rithe: "Mas mac e thoir dhomhsa e agus nì mi seòl air Mac a?Phi a ghleidheadh beò fhathast, oir tha a' chùis coltach nach mair e beò agadsa." Bha i faicinn gum bu bhàs do a mac e co-dhiù, is thug i dha e agus ghabh e an t?aiseag air ais le Mac'illeRiabhaich. Bowie noticed a woman, crying and lamenting, who was escaping with a babe under her arm. He said to her: "If it is a son give him to me and I will find a way to keep Macfee alive despite everything, for as things are going you won't be able to save him." She realised that death faced her son anyway, so she gave him to Bowie, and Bowie went bacl on the boat with Reoch.
Nuair a bha iad mu leth an rathaid dhùisg am pàiste agus thug e mòthar as. "Gu dè tha siud?" ars' Mac'illeRiabhaich. "Tha," ars' am fear eile, "an ràmh agamsa." Chaidh seo seachad is chaidh gach cùis air aghaidh gu math ged a bha dithis ag iomram an aghaidh Mhic'illeBhuidhe, gus an robh iad a?nall mu Àird na Sgithich. Mhothaich Mac'illeBhuidhe don leanabh a' gluasad, agus san àm san do ghlaodh an leanabh thug e buille falls' don ràmh agus bhrist se e. "Car son nach biodh ràmh agadsa a sheasadh ri ceatharnach?" ars' esan. "'Se ceatharnach a bhristeadh e," ars' am fear eile. When they were about half way, the child awoke and gave a wail. "What's that?" said Reoch. "That," said the other man, "was my oar." This incident passed, and everything continued fine though two were rowing against Bowie, until they were over somewhere about Àird na Sgithich. Bowie became aware of the child moving, and at the same time as the child cried out he gave the oar a false stroke and broke it. "Why don't you have an oar which can withstand a champion?" he asked. "Only a champion could break it," said the other.
Dh'iarr Mac'illeBhuidhe a chur air tìr aig Àird na Sgithich, a chionn gum biodh e na bu ghiorra dha na dol mun cuairt tro Chaol Ìle gu Sannaig. Rinneadh seo agus fhuair e a chas air tìr is Mac a?Phì 'na achlais. Nuair a fhuair e gu bràigh a' chladaich thug e am pàiste a?mach as an lùirich agus ghlaodh e: "Tha Mac a?Phì beò fhathast." Bowie asked that he be put ashore at Àird na Sgithich, since it would be shorter for him than going around through the Sound of Islay to Sannaig. This was done and he made it ashore with Macfee under his arm. When he reached the top of the shore he took the bairn out from his cloak and cried: "Macfee lives yet."
"Nan robh fios no fàth agamsa, cha d'fhuair thusa an t?aiseag uamsa air ais," ars' Mac'illeRiabhaich. "Ma thig thu 'am dhèidh a?nis," ars' Mac'illeBhuidhe, "tha coimhlìon saighead an achlais na lùirich 's a tha de sgioba sa bhàtà agadsa, agus fuaighidh mi gach fear a thig a?mach ri beul mòr na birlinn." Cha do chuir Fear Shannaig an còrr dragha air is ghabh e suas ris a' mhonadh, a?mach tro Bhealach Bhriste-Chnàmh gu ruige Uaimh Beinn an Òir. Bheathaich e an-sin an leanabh le sithinn gus an robh e comasach air dèanamh air a shon fhèin, agus a rèir mo sgeòil 'sann bhuaithe thàinig na tha an Colbhasa an-diugh de Chloinn a?Phì. "If I'd had any inkling, I wouldn't have ferried you back," said Reoch. "If you come after me now," said Bowie, "I have as many arrows under my cloak as there are of crewmen in your boat, and I will stitch each man who comes out to the gunwale of the galley." The Laird of Sannaig gave him no further trouble and he set off up to the moor, out through Bealach Bhriste-Chnàmh till he reached Uaimh Beinn an Òir. There he brought up the child on game until he was able to fend for himself, and according to my tale it was from him that all the Macfees in Colonsay today are descended.
Cha chuimhne leam a bhith an còmhradh ri neach a chunnaic Long Mhòr an Eilthirich a' seòladh bho Thràigh Meile, ach chan e 's nach faodadh sin tachairt. Tha mi cinnteach gu bheil iad san eilean fhathast a chuala sgeul a' bhròin sin le'n cluasan fhèin bhuathasan a chunnaic an long sin. Tha mu cheithir bliadhna a dhìth air a' cheud bhon chuireadh an Learga Bhric mu sgaoil, agus 'sann mun àm sin a thachair siud. I don't remember ever conversing with someone who had witnessed the emigrant ship sailing from Tràigh Meile, but that's not to say I couldn't have. I'm sure there are still those on the island who heard that tale of woe with their own ears from those who saw that ship. It's about four years short of a hundred since Leargybreck was cleared, and it was about then that it happened.
Feumaidh gur ann mun àm sin a thugadh na gobhair bho na tuathanaich bheaga a bha an Cnoc Crom, an Àird Mheadhoinis is bailtean mar sin. Rinneadh òran air a' ghnìomh an-iochdmhor seo le bean a mhuinntir Chnoc Cruim agus sgrìobh mi sìos beagan rannan dheth bho mo mhàthair nuair a bha i mu ochd is ceithir fichead bliadhna dh'aois. Seo agaibh na rannan: It must have been about that time that the goats were taken from the small-scale farmers in Knockrome, Àird Mheadhoinis and other such townships. A song was composed about this harsh act by a woman who was one of the Knockrome people, and I noted down some of the verses from my mother when she was about 88 years old. Here are those verses:
Òran nan Gobhar The Song of the Goats
'S fheudar dhomh bhith beò
Chaidh na gobhair dhìom.
Ciamar gheibh mi 'n smuairean
Seo chumail dhìom.
'S fheudar dhomh bhith beò
Chaidh na gobhair dhìom.
I have to keep on living
The goats have been taken from me.
How do I keep this
Dejection from me.
I have to keep on living
The goats have been taken from me.
Trobhad a?mach, 'illeasbaig
Bhon is tu as deise
Dh'fheuch an dèan thu fead riù
Nam bi beagan cruinn
Come on out, Gilleasbaig
Since you are the briskest
Will you not whistle to them
If there are some gathered
Ach thuirt Iain gu h?obann
Chan eil stàth bhith togail
Bha mise 'n Lag Odhar
'S bha na gobhair cruinn
But Iain suddenly announced
There's no point in gathering
I was in Lag Odhar and
The goats were gathered there
'Sann an Uaimh MhicMhàrtainn
Thog iad creach an tàilleir
Nan robh mise làimh riù
Cha bu shlàn iad dhuibh
'Twas in Uaimh MhicMhàrtainn
That they plundered the tailor
If I had been close to them
They'd not all be there for you
'Sann an Lag nan Capall
Fhuair iad grunnan Eachainn
Nan robh fios mar thachair
Cha robh iad cho cruinn
'Twas in Lag nan Capall
That they got Eachann's few
If there had been any warning
They'd not all have been there
'S iomadh creag is mullach
Air an dèan iad fuireach
Feamainn air gach rubha
Chuideachadh an sìl
Many is the rock and summit
On which they reside
Seaweed on each headland
To support their young
Tha gobhair ri'm faicinn an cois na mara an cuid a dh'àitean san eilean, ach cha do thill iad riamh gu mainnir na tuath bhig mar bha iad. Goats are to be seen on the seashore in some places on the island, but they never returned to the fold of the tenant farmers where once they had been.
Sin ma-tà cuid de na chuala mise bho na bodaich. Chan eil ann ge-tà ach beagan de na dh'fhaodainn a ràdh, ach theagamh gun tèid sinn air chèilidh orra uaireigin eile. Bidh mi air a' cheart uair seo a' fàgail soraidh leibh is beannachd 'na chòis. That then is an example of what I heard from the old men. It is but only a little of what I could relate, though perhaps we'll call in on them again some other time. I will now, at this moment, bid you goodbye, and farewell too.

You can find more articles in the archive under Gaelic Column and information on the organization at C.L.I.

Your browser is not Java enabled.
HomeNewContentsArchivesSearchEmail

Scottish Radiance
Designed and Copyright 1999
Innovative Consulting Services, Inc.
Since November 1, 2000